Sgeulachdan didseatach agus Gàidhlig: carson a tha e cudromach don Ghàidhealtachd is na h-Eileanan
In this blog, Iain Hamilton, ÌÇÐÄ´«Ã½’s head of Creative Industries, explains how digital storytelling is redefining the future of Gaelic culture and why embracing new platforms is vital for the region..
Seanchas didseatach agus Gà idhlig: an t-adhbhar gu bheil e feumail don Ghà idhealtachd ’s na h-Eileanan.
Tha cultar a-riamh air a bhith mar aon de na neartan as motha aig a’ Ghà idhealtachd ’s na h-Eileanan. Tha ar cà nan, cruth-tìre, ceòl, dualchas agus sgeulachdan coimhearsnachd a’ cumadh mar a tha daoine a’ faicinn na roinne seo agus an t-adhbhar gu bheil iad a’ ròghnachadh tadhal, obair, còmhnaidh agus tasgadh an seo.
Is e na tha ag atharrachadh a-nis, mar a tha daoine a’ faighinn a-mach mu na sgeulachdan sin. Tha seanchas didseatach air a thighinn gu bhith riatanach do ghnothachasan, buidhnean coimhearsnachd agus buidhnean cruthachail. Chan eil e tuilleadh ‘math a bhith agad’ – tha e a-nis na phrìomh phà irt de mar a tha roinnean a’ farpais airson aire agus cothrom.
Tha luchd-èisteachd a’ gluasad air-loidhne
Tha daoine, gu h-à raid luchd-èisteachd nas òige, a’ cur seachad barrachd tìde air à rd-ùrlaran sruthaidh, YouTube, meadhanan sòisealta agus pod-chraolaidhean. Tha TBh craobh-sgaoilidh a’ leantainn air a’ crìonadh. Tha seo na fhìor chothrom do sgìrean dùthchail agus eileanach. Faodaidh sgeulachdan Gà idhlig, a bha uair an eisimeil thachartasan ionadail no amannan craolaidh, luchd-èisteachd cruinneil a ruighinn sa bhad gun fheum air buidseat mòr. Faodaidh cliop dà -chà nanach goirid no tar-ghuth Gà idhlig siubhal nas fhaide na a-riamh roimhe.
Tha na tha daoine òga ag iarraidh cudromach
Tha ùidh dhaoine òga sa Ghà idhealtachd ’s na h-Eileanan a’ sìor fhàs ann an dreuchdan-beatha didseatach agus cruthachail. Tha mòran airson Gà idhlig a chleachdadh gu nà darrach nan obair, tro riochdachadh, filmeadh, deasachadh, sgrìobhadh no ceòl.
Tha cur taic ri cruthaichearan le Gà idhlig a’ cuideachadh le tà lant òg a chumail san roinn agus a’ dèanamh cinnteach gun lean an cà nan a’ fàs ann an gnothachasan nua-aimsireil, chan ann dìreach ann an suidheachaidhean traidiseanta.
Tha pròiseactan didseatach cuideachd a’ cruthachadh sgiobaidhean: deasaichearan, riochdairean, luchd-obrach camara, dealbhadairean agus eadar-theangairean. Tha sgilean Gà idhlig a’ cur luach ri gach aon de na dreuchdan sin.
Chan fheum susbaint a bhith seasmhach
Tha mòran bhuidhnean iomnaidheach mu chumail suas air-loidhne. Ach tha seanchas didseatach nas fhasa nuair a tha susbaint air a chleachdadh a-rithist. Faodaidh aon tachartas no agallamh a thighinn gu bhith:
- cliopan sòisealta goirid;
- bhidio no pod-chraolaidh nas motha;
- sgeulachd sgrìobhte;
- deilbh airson cleachdadh san à m ri teachd;
- stuth ionnsachaidh dà -chà nanach; and
- susbaint tasglainn.
Tha am modh-obrach seo a’ togail cruinneachadh de stuth a dh’fhaodas a chleachdadh a-rithist agus a-rithist, a’ sà bhaladh tìde agus a’ meudachadh buaidh.
An t-adhbhar a tha seo ag obair don Ghà idhlig
Tha Gà idhlig a’ coileanadh gu là idir air-loidhne. Tha seanchas didseatach a’ cuideachadh chruthaichearan le seasamh a-mach agus a’ toirt faireachdainn soilleir de fhèin-aithne agus ùghdarrachd do shusbaint. Tha e cuideachd a’ cruthachadh luach dà -chà nanach ris am faod do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig agus luchd-tadhail eadar-nà iseanta co-cheangal tro thar-ghuthan, abairtean no eadar-theangachaidhean.
Tha bhidio ghoirid, pod-chraolaidhean agus cruthan air-iarrtas, foirfe airson mhion-chà nanan. Tha iad a’ ceadachadh do Ghà idhlig nochdadh gu nà darrach ri taobh Beurla, a’ taisbeanadh gu bheil an cà nan nua-aimsireil, atharrachail, agus na pà irt den bheatha là itheil air feadh na roinne.
Sgeulachdan soirbheachail bho air feadh na roinne
- YouTuber-an agus dèanadairean-film a’ taisbeanadh beatha eileanach, sgilean dùthchail agus eachdraidh ionadail.
- Preasantairean dà -chà nanach a’ cothlamadh dà n-thursan a-muigh le seanchas Gà idhlig.
- Sgrìobhadairean is pod-chraoladairean a’ roinn sgeulachdan fada freumhaichte ann am beatha Ghà idhealach.
- Pod-chraolaidhean òigridh is cruthaichearan ciùil a’ togail luchd-èisteachd ùr.
Tha na cruthaichearan sin a’ co-roinn sgeulachdan mòra, agus tha mòran a’ tionndadh an ciùird gu dòigh-beatha sheasmhach.
Is e Patreon aon de na h-innealan a tha gan cuideachadh le sin a dhèanamh, à rd-ùrlar ballrachd a tha a’ cumhachdachadh chruthaichearan gu cosnadh a dhèanamh dìreach bho an luchd-leantainn. Bho 2013, tha luchd-èisteachd air còrr air £7 billean a chur ri cruthaichearan a tha a’ cleachdadh na seirbheis.
Cruth-tìre coimiseanaidh ag atharrachadh
Tha meadhanan poblach ag atharrachadh cuideachd. Tha MG ALBA ag aithneachadh gu bheil luchd-èisteachd didseatach a’ fàs fhad ’s a tha amharc traidiseanta a’ crìonadh, gu h-à raid am measg dhaoine nas òige. Mar thoradh air sin, tha iad a’ coimiseanadh barrachd susbaint Ghà idhlig dhidseatach an toiseach, air a chruthachadh gu sònraichte airson à rd-ùrlaran air-loidhne agus air-iarrtas.
Chan eil didseatach san dà rna à ite tuilleadh ann an craoladh. Tha e a-nis aig teis-meadhan mheadhanan Gà idhlig an ama ri teachd.
Mar a tha ÌÇÐÄ´«Ã½ a’ cuideachadh
Tha ÌÇÐÄ´«Ã½ a’ cur taic ris an fhà s seo. Chuimsich ar Maoin Dùbhlain Dhidseatach Gà idhlig o chionn ghoirid gu sònraichte air tà lant didseatach le Gà idhlig a’ tighinn am bà rr, a’ cuideachadh chruthaichearan òga gu beachd-smuaintean ùra a leasachadh, susbaint à rd-chà ileachd a thoirt gu buil, agus eòlas coimiseanaidh luachmhor a chosnadh.
Fhuair còig chruthaichearan a bha trà th nan dreuchd taic tron mhaoin seo, gach aon a’ toirt leotha an guth agus am beachd fhèin:
- Tormod MacLeòid – leasachadh susbaint naidheachdan cuimsichte air òigridh a tha a’ nochdadh chùisean eileanach agus ùidhean dhaoine òga.
- Niamh NicFhionghain – cruthachadh phìosan de chaitheamh-beatha a tha a’ rannsachadh cultar, sunnd, agus beatha là itheil tro phrosbaig na Gà idhlig.
- Somhairle MacIain – toirt susbaint blà r a-muigh agus dà n-thuras gu buil, a tha a’ taisbeanadh nan cruthan-tìre, gnìomhachdan agus sgeulachdan na sgìre.
- Sophie NicSteafain – ag adhartachadh dannsa-ceum traidiseanta le seanchas didseatach nua-aimsireil gus luchd-amhairc ùr a ruighinn.
- Claire Francis NicNèill – a’ roinn òrain is ceòl Gà idhlig, a’ coimeasgadh dualchas le cruthachalachd cho-aimsireil.
Còmhla, tha na pròiseactan sin a’ soillseadh air cumhachd agus mac-meanmhainn an ath ghinealaich de chruthaichearan Gà idhlig – daoine nach eil a-mhà in a’ cumadh spà san didseatach ùra ach a’ neartachadh à m teachdail cultarach a’ chà nain.
Rinn a bhith ag obair le MG ALBA cinnteach gu bheil cuid den t-susbaint seo a-nis ga fhoillseachadh air à rd-ùrlaran mheadhanan Gà idhlig. Tha seo a’ sealltainn mar a ghabhas taic thargaidte beachd-smuaintean a thionndadh gu mach-chur didseatach fìor agus cruthaichearan ùra a chuideachadh le dreuchdan a thogail an seo san roinn.
An cothrom ri teachd
Tha seanchas didseatach a-nis mar phà irt de leasachadh eaconamach. Le bhith a’ cur taic ri cruthachadh susbaint Ghà idhlig agus sgilean cruthachail didseatach, faodaidh a’ Ghà idhealtachd ’s na h-Eileanan:
- tà lant òg a ghlèidheadh;
- gnothachasan beaga agus buidhnean cultarach a neartachadh;
- luchd-èisteachd eadar-nà iseanta a thogail;
- taic a chur ri GÃ idhlig; and
- sgeulachdan ionadail innse ann an guthan ionadail fìor.
Tha rudeigin air leth aig a’ Ghà idhealtachd ’s na h-Eileanan: Gà idhlig, cruth-tìre agus eòlas saoghalta. Tha à rd-ùrlaran didseatach gar cuideachadh le seo uile a roinn le misneachd agus gu cruthachail, a’ dèanamh cinnteach gu bheil ar sgeulachdan a’ siubhal fada is farsaing ach a’ fuireach freumhaichte san dualchas.