Read in English
Tha sinn air ‘Ar Cà nan, Ar Cultar, Ar Beartas (Our language Our Culture Our Prosperity) fhoillseachadh – rannsachadh ùr air a dhealbhadh gus tuigse a dhoimhneachadh do thabhartas eaconamach, sòisealta agus cultarach na Gà idhlig air feadh Alba.
Comharraichidh am prìomh sgrùdadh seo le far am faod inbheisteadh targaidte air Gà idhlig, na buannachdan fad-amail as fheà rr a lìbhrigeadh do choimhearsnachdan is ghnothachasan.
Air a choimiseanadh le ÌÇÐÄ´«Ã½ ann an com-pà irteachas le Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gà idhlig, VisitScotland agus Leasachadh Sgilean na h-Alba, tha an rannsachadh ga ghabhail os là imh le GC Insight còmhla ri Reference Economics agus Lasair Earranta.
Mu dheidhinn an rannsachaidh
Le iarrtas a’ meudachadh airson eòlasan cultarach a tha fìor, an fhaicsinneachd air Gà idhlig ann an gnothachas a’ sìor fhà s, agus leasachaidhean ùra leithid Achd nan Cà nan Albannach, tha an rannsachadh seo a’ tighinn aig à m deatamach airson inbheisteadh a chumadh.
Bidh an sgrùdadh:
- dèanamh measadh air luach eaconamach là ithreach na Gà idhlig
- coimhead ri a buannachd shòisealta agus chultarach
- comharrachadh chothroman ann am prìomh roinnean mu choinneamh an ama ri teachd, a’ gabhail a-steach turasachd, na gnìomhachasan cruthachail agus leasachadh coimhearsnachd
- togail air far am bi a’ bhuannachd as motha aig taic do luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig agus gnothachasan