Cànan is cultar na Gàidhlig mar phrìomhachas
Tha cànan is cultar na Gàidhlig nam pàirt bhunaiteach de dhearbh-aithne na dùthcha, agus tha còrr air leth de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba a’còmhnaidh anns a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan
Tha an sgìre againn riatanach don phà irt shòisealta is eaconamach a tha gleidheadh na Gà idhlig a’ coileanadh ann an coimhearsnachdan beòthail fulangach agus ann am fàs eaconamach seasmhach.
Air fhoillseachadh an t-seachdain-sa, tha am Plana Gà idhlig ùr againn a’ mìneachadh dealasan ÌÇÐÄ´«Ã½. Mar bhuidheann, tha sinn ag amas air spèis co-ionann a sholarachadh – a’ freagairt cheistean ann an Gà idhlig le freagairtean ann an Gà idhlig, a’ prìomh-shruthadh Gà idhlig ann am barrachd de ar gnìomhachdan agus a’ brosnachadh ’s a’ cur taic ri gnothachasan agus coimhearsnachdan gus Gà idhlig a bheartachadh mar mhaoin.
Tha cà nan is cultar na Gà idhlig nam bunaitean togail riatanach ann an obair le coimhearsnachdan gus seasmachd eaconamach is sòisealta agus sunnd a leasachadh. Tha iad a’ suidhe co-thaobhach ri ar tùs-phrìomhachasan a’ gabhail a-steach coileanadh air sgaoilidhean neoini-iomlan, adhartachadh obair chothromach, agus gleidheadh à ireamh-sluaigh ionadail.
Tha am modh-obrach seo ‘stèidhichte air à ite’ a thaobh leasachadh, deatamach gu dèanamh cinnteach gu bheil na coimhearsnachdan fhèin an sàs ann an cumadh na taic a tha a dhìth. Mar sin, tha e a’ dèanamh ciall gum feuch sinn a-mach ann an dòigh cheart mar a tha à rd-mhiannan is amasan ar poileasaidh a’ nochdadh na tha ar coimhearsnachdan Gà idhlig dùthchasach ag iarraidh.
Iomairt rannsachaidh ùr
Gus tuigse nas doimhne fhaotainn do roghainnean fa leth agus fèin-bhrosnachadh taobh a-staigh choimhearsnachdan Gà idhlig, tha pròiseact rannsachaidh ùr-ghnà thach ga ghabhail os là imh. Tha sinn ag obair le gus pròiseact rannsachaidh a mhaoineachadh. Bidh oileanach PhD ceithir-bliadhna a’ còmhnaidh agus ag obair ann an dà choimhearsnachd Ghà idhlig eadar-dhealaichte – aon ann an Innse Gall agus tè eile san sgìre. Bidh an rannsachadh a’ sgrùdadh raon de fheartan a tha a’ toirt buaidh air cleachdadh Gà idhlig aig ìre teaghlaich is coimhearsnachd, a’ gabhail a-steach buaidh poileasaidh poblach. Bidh in-sheallaidhean bhon rannsachadh seo buadhach ann an cumadh eadar-theachdan poileasaidh don Ghà idhlig san à m ri teachd, chan ann a-mhà in ann an Innse Gall ach cuideachd air feadh Alba.
Tha am pròiseact na phà irt de phròiseact Cumhachdachaidh Coimhearsnachd gus Dèiligeadh ri Eadar-ghluasad Ath-Spionnaichte gu Seasmhachd (CEARTAS). Tha an dreuchd PhD a’ tòiseachadh san t-Samhain, bidh cothroman tagraidh a’ dùnadh air 6 Dà mhair, tha tuilleadh fiosrachaidh
Dè th’ ann an CEARTAS?
Tha CEARTAS a’ tarraing diofar chom-pà irtichean còmhla, a’ gabhail a-steach UHI, ÌÇÐÄ´«Ã½, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, prìomh bhuidhnean taobh a-staigh choimhearsnachdan Gà idhlig, Bord na Gà idhlig, agus Comhairle nan Eilean Siar. Tha an iomairt ag amas air grunn bhuannachdan is bhuaidhean fad-amail a choileanadh:
- Buaidhean Eaconamach is Coimhearsnachd: Le bhith a’ rannsachadh na h-eaconamaidh Gà idhlig agus a’ meas Gà idhlig mar mhaoin, cuiridh an rannsachadh ri tuigse nas fheà rr don cheangal eadar cleachdadh cà nain, builean eaconamach, agus fulangas coimhearsnachd.
- Ìrean Sgilean Leasaichte Foghlam is Coimhearsnachd: Prìomhachadh ionnsachadh Gà idhlig tarsainn gach roinn oideachail gus èifeachdas bhuidhnean planaidh cà nain à rdachadh.
- Fuasglaidhean air Duilgheadasan Sòisealtasach: Dèiligeadh ri gluasad cà nain bho Ghà idhlig gu Beurla agus cùisean eadar-ghinealach gus dèanamh cinnteach à beòthalachd is seasmhachd choimhearsnachdan Gà idhlig.
- Atharrachaidhean ann am Beachdan Poblach: Ag aithneachadh à ite na Gà idhlig ann an Alba agus mar a tha i co-cheangal ri cùisean co-ionannachd agus neo-ionannachd ann an comann sòisealta ioma-chultarach.
- Leasachaidhean ann an Lìbhrigeadh Sheirbheisean Poblach: Bidh rannsachadh a’ fiosrachadh leasachadh air poileasaidh a thaobh cothrom air seirbheisean poblach ann an cà nanan eile seach Beurla, a’ toirt buannachd chan ann a-mhà in don Ghà idhlig ach do chà nanan eile a tha air an labhairt ann an Alba.
- Là n-mheudachadh air Goireasan is Ealantas: Cruthachadh sgiobaidhean co-obrachaidh tro chom-pà irteachasan gus Gà idhlig ath-bheòthachadh taobh a-staigh maoineachadh coimhearsnachd agus modalan leasachaidh co-obrachail.
Chan eil an dealas a thaobh cà nan is cultar na Gà idhlig a ghleidheadh, a-mhà in mu dheidhinn dualchas ach cuideachd mu bhith ag à rach choimhearsnachdan fulangach agus fàs eaconamach seasmhach. Le bhith a’ tasgadh ann an rannsachadh, foghlam, agus cumhachdachadh choimhearsnachdan, tha sinn ag amas air dèanamh cinnteach gun lean a’ Ghà idhlig a’ soirbheachadh agus a’ cur ri dearbh-aithne eadar-mheasgte is bheòthail na dùthcha.