An àite a th'aig a' chànain sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan
Gaelic plays a significant role across the ÌÇÐÄ´«Ã½ and Islands, contributing to community resilience, cultural development and sustainable economic growth.
Tha à ite cudromach aig Gà idhlig air feadh na Gà idhealtachd ’s nan Eilean, a’ cur ri fulangas coimhearsnachd, leasachadh cultarach agus fàs eaconamach seasmhach.
Le suidheachadh cumhachdach sòisealta, cultarach agus eaconamach anns a’ Ghà idhealtachd ’s na h-Eileanan, chan eil a luach do mhuinntir na coimhearsnachd agus gnothachasan air a bhith a-riamh cho là idir.
Tha barrachd bhuidhnean a’ dlùth-ghabhail ri Gà idhlig gus dearbh-aithne a chomharrachadh, ceanglaichean a thogail le luchd-dèiligidh agus cothroman ùra brosnachail airson fàs a chruthachadh, uile aig à m nuair a tha iarrtas airson eòlasan cultarach ùghdarrail ag èirigh gu luath.
Aig ÌÇÐÄ´«Ã½, tha sinn o chionn fhada air a bhith a’ tuigsinn comas eaconamch agus sòisealta na Gà idhlig. Thar sia dheicheadan de bhliadhnaichean, tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth le coimhearsnachdan Gà idhlig. Tha an cà nan air a thighinn gu bhith barrachd is barrachd na prìomh phà irt de ar modh leasachaidh.
Tha sinn air fà ilte a chur air Achd nan Cà nanan Albannach agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth le coimhearsnachdan agus buidhnean com-pà irteach mar a thèid reachdas a chur an gnìomh. Bheir an Achd comas do dh’ùghdarrasan ionadail Sgìrean Cà nain Sònraichte, a’ neartachadh aithne na Gà idhlig taobh a-staigh dealbhadh agus leasachadh ionadail.
On a chaidh a’ chiad Phlana Gà idhlig againn fhoillseachadh ann an 2009, tha sinn air leantainn a’ rannsachadh mar a tha Gà idhlig a’ cur taic ri prìomh roinnean leithid turasachd, biadh is deoch, meadhanan didseatach agus na gnìomhachasan cruthachail. San latha an-diugh, tha gnothachasan a’ cleachdadh Gà idhlig gus fìorachd brannd à rdachadh agus ceangal le luchd-èisteachd a tha a’ cur luach air dualchas.
Ann an Innse Gall, tha fàs ann an eaconamaidh turasachd, le taic bho leasachaidhean mar am port uisge-domhainn ann an Steòrnabhagh, air cothroman ùra a chruthachadh do thachartasan fo stiùir na Gà idhlig. Tha gnìomharaichean thursan-mara agus solaraichean seirbheis a’ freagairt don iarrtas a tha a’ sìor fhàs airson eadar-mhìneachadh dà -chà nanach, gnìomhachdan stèidhichte air sloinntearachd agus susbaint chultarach bogaidh.
Tha Gà idhlig cuideachd a’ tighinn gu bhith na pà irt nas fhaicsinniche de leasachadh gnothachais le taic bho chom-pà irtichean, a’ gabhail a-steach ar n-ùghdarrasan ionadail agus Leasachadh Sgilean Alba (SDS).
Mar a bhios fastaichean a’ rannsachadh mar as urrainn do Ghà idhlig an ro-innleachdan sgioba-obrach a neartachadh, tha SDS a’ cuideachadh leis na sgilean a thogail air a bheil feum airson fàs fad-amail, bho phreantasachdan ann an turasachd agus meadhanan cruthachail gu taic fastaiche le comasachd cultarach agus seirbheis dà -chà nanach chustamairean.
Tha a bhith a’ tarraing cà nan, sgilean agus leasachadh eaconamach còmhla a’ neartachadh choimhearsnachdan dùthchail, a’ cruthachadh chothroman obrach ionadail agus a’ cur taic ri gleidheadh sluaigh ann an sgìrean far as motha a tha feum air.
Tha mòran ghnothachasan air feadh na roinne a’ fighe Gà idhlig a-steach do na h-obraichean là itheil, bho shoidhneachd agus eadar-mhìneachadh gu innse sgeulachdan didseatach agus leasachadh bathair.
Tha an ath-leasachadh air Ionad Tadhail Chalanais ann an Eilean Leòdhais na phrìomh eisimpleir. Aon uair ’s gum bi e deiseil, bidh e a’ nochdadh fiosrachadh luchd-tadhail a bhios dà -chà nanach agus nua-aimsireil agus a tha freumhaichte sa chruth-tìre, cà nan, cultar agus dualchas Leòdhais. Bidh a’ Ghà idhlig na pà irt den eadar-mhìneachadh a thuilleadh air pà irt den bheatha labhairteach là itheil ann an ruith an ionaid agus sa choimhearsnachd fharsaing, a’ cumadh mar a tha fà ilte ga chur air luchd-tadhail agus mar a tha sgeulachdan ionadail gan lìbhrigeadh.
Nas trà ithe an t-seachdain-sa, chuir sinn rannsachadh ùr air chois gus tuigse a dhoimhneachadh do bhuaidh eaconamach, sòisealta agus cultarach na Gà idhlig. Tha e air a stiùireadh le ÌÇÐÄ´«Ã½, Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gà idhlig agus VisitScotland agus a’ tional fianais bho ghnothachasan, coimhearsnachdan agus iomairtean sòisealta, a’ cleachdadh Gà idhlig air feadh Alba. Comharraichidh e far am faod inbheisteadh a’ bhuannachd as motha a bhuileachadh, agus measadh a dhèanamh air tabhartas eaconamach là ithreach na Gà idhlig agus san à m ri teachd, gu h-à raid ann an turasachd. Cuidichidh na toraidhean sinn fhìn agus ar com-pà irtichean le cuimseachadh air taic far as motha a tha feum air.
Tarsainn na roinne, tha mi a’ faicinn gach latha mar a tha gnothachasan agus coimhearsnachdan a’ cleachdadh na Gà idhlig ann an dòigh fheumail agus bhrìgheil, bho riochdairean a’ neartachadh dearbh-aithne brannd gu aoigheachd agus buidhnean coimhearsnachd a’ cruthachadh eòlasan dà -chà nanach agus sruthan teachd-a-steach a bharrachd.
Sin an t-adhbhar gu bheil ÌÇÐÄ´«Ã½ a’ cuimseachadh air a’ chà nan taobh a-staigh ar modh leasachaidh. Mar a bhios ar n-eaconamidh a’ mean-fhà s, tha Gà idhlig a’ tighinn gu bhith na stiùiriche cudromach air misneachd, cruthachalachd agus cothrom.
Tha na bliadhnaichean ri teachd a’ tabhann comas cudromach airson fàs eaconamach air a stiùireadh le Gà idhlig, agus tha sinn dealasach a thaobh coimhearsnachdan agus gnothachasan tarsainn na roinne a chuideachadh gu an cothrom sin a thoirt gu bith.